Scots Gaelic Bible

Mark 5

Mark

Return to Index

Chapter 6

1

 

 Is dh`fhalbh e as a sin, agus chaidh e gu dhuthaich fhein; is lean a dheisciopuil e; 

 

 


2

 

 Agus nuair thainig an t-sabaid, thoisich e ri teagasg san t-sinagog; is ghabh moran a bha ga eisdeachd ioghnadh ri theagag ag radh: Co as an tainig na tha aig an duine so? agus de an gliocas a tha air a thoirt dha: `s na gniomhan cho euchdail, a th` air an dianamh le lamhan? 

 

 


3

 

 Nach e so an saor, mac Moire, brathair Sheumais, is Ioseiph, is Iuda, is Shimoin? nach eil a pheathraichean an so maille ruinn? Agus ghabh iad sgainneal as. 

 

 


4

 

 Is thuirt Iosa riutha: Chan eil faidh gun onair ach `na dhuthaich fhein, agus `na thigh fhein, `s am measg a chairdean fhein. 

 

 


5

 

 Agus cha burrainn dha miarailt sam bith a dhianamh an sin, ach a mhain gun do leighis e beagan de dhaoine tinne le a lamhan a leagail orra; 

 

 


6

 

 Is ghabh e ioghnadh rin cion creidimh, agus dh` imich e feadh nam bailtean mun cuairt a teagasg. 

 

 


7

 

 Agus ghairm e na dha dhiag: is thoisich e air an cur air falbh lion dithis is dithis, agus thug e cumhachd dhaibh thairis air spioradan neoghlan. 

 

 


8

 

 Is dh`aithn e orra gun dad a thoirt leo air an rathad, ach bata a mhain: gun mhala, gun aran, gun airgiod `nan sporan, 

 

 


9

 

 Ach cuarain air a chasan, `s gun da chota a chur orra. 

 

 


10

 

 Is thuirt e riutha: Ge be aite san teid sibh a stigh do thigh, fanaibh ann, gus am falbh sibh as a sin. 

 

 


11

 

 Agus aite sam bith nach gabh ribh, `s nach eisd ribh, a falbh as a sin, crathaibh an duslach dher casan mar fhianais `nan aghaidh. 

 

 


12

 

 `Sa gabhail a mach, shearmonaich iad gun fheumar aithreachas a dheanamh. 

 

 


13

 

 Agus thilg iad a mach moran dheomhan, is dh` ung iad le ola moran dhaoine tinne, agus leighis iad iad. 

 

 


14

 

 Agus chuala righ Herod (Oir rinneadh `ainm Iosa follaiseach), is thuirt e: Dh` eirich Eoin Baistidh bho na mairbh: `s air an aobhar sin tha feartan gan oibreachadh leis. 

 

 


15

 

 Ach thuirt feadhainn eile: Se Elias a th` ann. Is thuirt cuid eile: Se faidh th` ann, mar aon de na faidhean a bh`ann bho shean. 

 

 


16

 

 Air do Herod so a chluinntinn, thuirt e: Se Eoin, dhen tug mise an ceann, a th` ann, dh` eirich e bho na mairbh. 

 

 


17

 

 Oir chuir Herod fhein a mach is ghlac e Eoin, agus cheangal e am priosan e as leth Herodiais, bean a bhrathar Philip, chionn gun do phos e i. 

 

 


18

 

 Oir thuirt Eoin ri Herod: Chan eil e laghail dhut bean do bhrathar a bhith agad. 

 

 


19

 

 Agus bha Herodias le droch run na aghaidh, agus bha toil aice a mharbhadh, ach cha b` urrainn dhi. 

 

 


20

 

 Oir bha eagal aig Herod roimh Eoin, a tuigsinn gun robh e `na dhuine ceart agus naomh: agus ghleidh e sabhailte e, agus air dha eisdeachd ris, bhiodh e fo iomagain, ach dh` eisdeadh e ris gu toileach. 

 

 


21

 

 Agus nuair a thainig latha freagrach, rinn Herod suipeir, airson latha bhreith, do dh` uaislean, `s do cheannardan, `s do mhaithean Ghalile. 

 

 


22

 

 `S nuair a thainig nighean Herodiais so a stigh, `sa dhanns i, `sa thaitinn i ri Herod, agus riuthasan a bha aig bord comhla ris, thuirt an righ ris a chailin: iarr orm nas aill leat, is bheir mi dhut e: 

 

 


23

 

 Agus mhionnaich e dhi: Ge be ni a dhiarras tu bheir mi dhut e, ged a b`e leth mo rioghachd. 

 

 


24

 

 Nuair chaidh i mach, thuirt i ri mathair: De a dh` iarras mi? ach thuirt ise: Ceann Eoin Baistidh. 

 

 


25

 

 `S air dhi tighinn a stigh le cabhaig san uair thun an righ, dh` iarr i, ag radh: Is aill leam gun toir thu dhomh san uair ceann Eoin Baiste air meis. 

 

 


26

 

 Agus bha `n righ ro-dhuilich: ach as leth a mhionnan, s air son na feadhnach a bh` aig bord maille ris, cha b` aill leis miothlachd a chur oirre: 

 

 


27

 

 `Sa cur sleagh-fhear bhuaithe, dh` orduich e a cheann a thoirt a stigh air meis. Is thug e an ceann dheth sa phriosan, 

 

 


28

 

 Agus thug e leis a cheann air meis, `s thug e don chailin e; agus thug a chailin dha mathair e. 

 

 


29

 

 Nuair chuala a dheisciopuil so, thainig iad, `s thug iad leo a chorp, agus chuir iad ann an uaigh e. 

 

 


30

 

 Is chruinnich na h-ostail gu Iosa, agus dh` innis iad dha a h-uile ni, a bha iad air dianamh, `s air teagasg. 

 

 


31

 

 Is thuirt e riutha: Thigibh a lethtaobh gu aite fas, agus leigibh ur n-anail airson beagan uine. Oir bha iad lionor an fheadhainn a bha tighinn `sa dol; agus cha robh uine aca air biadh fhein a ghabhail. 

 

 


32

 

 `Sa gabhail a stigh do bhata, chaidh iad a lethtaobh gu aite fas. 

 

 


33

 

 Agus chunnacas iad a falbh, `s bha fios aig moran air; sa falbh air an cois as na bailtean uile, ruith iad an sin, agus bha iad rompa. 

 

 


34

 

 `Sa dol air tir, chunnaic Iosa sluagh mor: agus ghabh e truas riutha, a chionn gun robh iad mar chaoraich gun bhuachaille, agus thoisich e ri moran a theagasg dhaibh. 

 

 


35

 

 Agus nuair a bha nis a mhor chuid dhan latha seachad, thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh, ag radh : Is fasach an t-aite so, `s tha `n uair a nis air ruith 

 

 


36

 

 Leig air falbh iad, los a dol do na tighean duthcha `s do na bailtean is fhaisge orra gun ceannaich iad biadh dhaibh fhein a dh` itheas iad. 

 

 


37

 

 Agus fhreagair e iad, ag radh: Thugaibh fhein biadh dhaibh ri ithe. Is thuirt iad ris: An rachamaid a cheannach luach da chiad sgilinn de dh` aran a bheir sinn dhaibh ri ithe? 

 

 


38

 

 Is thuirt e riutha: Co miad bonnach-arain a thagaibh? siubhlaibh a dh` fhaicinn. Agus nuair a fhuair iad mach, thuirt iad: Coig, `s da iasg. 

 

 


39

 

 Agus dh` orduich e dhaibh a thoirt orra suidhe uile nam buidhnean air an fhiar ghorm. 

 

 


40

 

 Is shuidh iad sios `nan cuideachdan chiadan agus leth-chiadan. 

 

 


41

 

 `Sa glacadh na coig bonnaich-arain, `s an da iasg, `s ag amharc suas gu neamh, bheannaich e, is bhrist e na bonnaich, agus thug e iad dha dheisciopuil, gus an cur air am bialaobh; agus roinn e an da iasg orra uile. 

 

 


42

 

 Is dhith iad uile, agus riaraicheadh iad. 

 

 


43

 

 Is thog iad lan da chliabh dhiag de spruileach, `s de dhiasg. 

 

 


44

 

 Agus b` e aireamh na feadhnach, a dh` ith, coig mile fear. 

 

 


45

 

 `S air ball thug e air a dheisciopuil a dhol a stigh do bhata, gus iad a dhol roimhe thar a chaol gu Bethsaida, fhad `sa bhiodh e fhein a sgaoileadh an t-sluaigh. 

 

 


46

 

 Agus nuair a sgaoil e iad, chaidh e suas do bheinn a ghabhail urnaigh. 

 

 


47

 

 `S nuair a bha an t-anmoch ann bha am bata am miadhon na fairge, agus esan leis fhein air tir. 

 

 


48

 

 `Sa faicinn gun robh iad air an sarachadh ag iomradh (oir bha ghaoth nan aghaidh), thainig e mun cheathramh faire den oidhche gan ionnsuidh, a coiseachd air a mhuir; agus bha toil aige dhol seachad orra. 

 

 


49

 

 Ach iadsan ga fhaicinn a coiseachd air a mhuir, shaoil iad gur e manadh a bh`ann, agus glaodh iad. 

 

 


50

 

 Oir chunnaic iad uile e, agus gabh iad eagal mor. Agus ghrad-labhair e, is thuirt e riutha: Biodh misneach agaibh: Is mise thann, na biodh eagal oirbh. 

 

 


51

 

 Agus chaidh e dhan bhata comhla riutha, agus laidh a ghaoth. Agus bha uamhas mhor orra. 

 

 


52

 

 Oir cha do thuig iad mu na bonnaich-arain: oir bha an cridhe air a chruadhachadh. 

 

 


53

 

 Agus nuair dh` aisig iad thairis, thainig iad gu talamh Ghenesareth, is tharruinn iad gu tir. 

 

 


54

 

 `S nuair thainig iad as a bhata, dh` aithnich iad e san uair: 

 

 


55

 

 Sa ruith feadh na duthcha sin uile, thoisich iad air an fheadhainn a bha tinn a ghiulan mun cuairt air leabaidhean far an cuala iad esan a bhith. 

 

 


56

 

 Agus aite sam bith air an tadhaladh e air cathraichean, bailtean no duthaich, bha iad a cur nan daoine tinn air na straidean, `s a guid` air gum faodadh iad a mhain beantuinn do dh`iomall aodaich: `sa mhiad `s bhean dha, rinneadh slan iad. 

 

 


Mark 7

 

 

 

HTMLBible Software - Public Domain Software by johnhurt.com

 


Other Items are Available At These Sites: